Iain MacDhòmhnaill
Coltas
Bha Iain MacDhòmhnaill (Beurla:Sir John A. Macdonald; 11 am Faoilleach, 1815 – 6 an t-Ògmhios, 1891) na ciad prìomhair Chanada, airson a' phartaidh Tòraidh (Liberal-Conservative Party of Canada). Chum e reachd eadar 1867 is 1873, agus a-rithist eadar 1878 is 1891 nuair a bhàsaich e anns an oifis. Thàinig a theaghlach à Glaschu do Chanada nuair a bha e còig bliadhna a dh'aois. Air sgàth 's gun do rugadh athair air a' Ghàidhealtachd, bha Gàidhlig fhileanta aige.
Ann an 1867 - am bliadhna nuair a chaidh Canada a chruthachadh mar tighearnas den mhonarcachd Bhreatannaich - chaidh Iain MacDhòmhnaill a dhèanamh na ridire le Bànrigh Bhictoria.